Bheataichean Eich- A' Frithealadh Inbhir Nis & Ceann a Tuath na h-Alba
'S i buidheann bheat a dh'aona-ghnothach airson eich a th' ann an Bheataichean Eich Cheiseig a tha a'
frithealadh ceann a tuath na h-Alba. Tha Bheataichean Eich Cheiseig stèidhichte ann an Inbhir Nis agus
bidh iad, a-mhàin, a' làimhseachadh eich, pònaidhean, asalan agus muileidean.
'S i an aon bhuidheann bheat air Ghàidhealtachd a tha toirt cùram do bheathaichean eich a-mhàin.
Carson a chleachdadh sibh Bheataichean Eich Cheiseig airson cùram ur n-eich?
- 'S i buidheann sònraichte airson eich a th' annainn, a tha a' lìbhrigeadh seirbheis chàirdeil is phroifeiseanta. Tha sinn eòlach air a' chuid mhòr de ar luchd-dèiligidh agus tha ùidh phearsanta againn ann am fallaineachd am beathaichean
- Goireasan ospadail is lannsa a' fosgladh sa Mhàrt 2007
- Seirbheis èiginn 24-uairean dha eich a-mhàin
- Deagh inbhe de fhiaclaireachd eich
- Cùram-bheat neo-chosgail dha ur n-each
- Chan fhaic sibh ach bheat-eich uair sam bith - chan e bheataichean thuathanais no bheathaichean beaga, a bhios a' frithealadh eich corra uair
- Uairean-obrach sùbailte - tha sinn mothachail gu bheil mòran de shealbhadairean eich ag obair làn-ùine gus pàigheadh airson an cur-seachad, is mar sin bidh sinn a' tòiseachadh tràth is a' crìochnachadh anmoch rè mìosan an t-samhraidh gus dèiligeadh ri ur tràthan trang
- Sàr uidheam leasachail - agus sgilean airson a chleachdadh
- Cùram slàinte aonaichte dha ur n-each - co-obraichidh sinn le ur n-each-lèigh, ur n-anaclair-cuirp, ur dearnadair no ur teicneòlaiche fiaclach gu math ur n-eich. Tha liosta againn de dh'anaclairean, de dhearnadairean, each-lèighean etc agus bhiodh sinn toilichte innse dhuibh mar a chuireadh sibh fios orra.
- Eòlaichean-eich tadhail bho University of Edinburgh Veterinary School (Sgoil Rìoghail Dick Lèigh Bheathach) agus Sgoiltean Lèigh Bheathach Oilthigh Ghlaschu.
Studies)
Còdhailean
Cuiribh fios gun oifis air 01463 731107, 9m gu 5f Diluain gu Dihaoine agus 9m gu 1f air Disathairne airson còdhailean gnàthach a chur air dòigh. Bithear a' dèiligeadh ri fiosan èiginn aig àm sam bith den latha no den oidhche.
Beachdan Eile is Cùisean Breithneachaidh
Gabhaidh sinn ri cùisean a thig a-steach airson breithneachadh bho bhuidhnean bho air feadh ceann a tuath na h-Alba. Tha làn liosta de mhodhan taghach is prìsean ri fhaighinn le iarrtas.
A' Pàigheadh
Airson Bheataichean Eich Cheiseig a phàigheadh tha sinn air foirm-pàighidh tèarainte a thabhann gus seo a dhèanamh furasta.
Sgìre Gnìomhachd
Tha sinn a' tabhann seirbheisean bheat tro Shiorrachd Inbhir Nis, Siorrachd Narainn, pàirtean de Mhoiribh, An t-Eilean Dubh agus Siorrachd Rois. Ma tha sibh a' fuireach taobh a-muigh nan àitean sin (ach taobh a-staigh na Gàidhealtachd is nan Eilean) bidh sinn toilichte sealltainn ri ur n-each ach 's dòcha gum bi agaibh ris an each a thoirt thugainn. Tha sinn cuideachd a' ruith chlionaigean ann an Loch Abar, Ros an Iar agus anns an Eilean Sgitheanach. Ma tha sibh ag iarraidh oirnn sùil a thoirt air ur n-each no cùram fiaclach a thoirt seachad cuiribh fios thugainn agus bidh sinn toilichte beachdachadh air ur n-iarrtasan no comhairle a thoirt dhuibh an-asgaidh.
Àrachas Eich
Tha sinn a' moladh gum bi àrachas agaibh mu choinneimh cìsean meidigeach (bheat) agus tha sinn air liosta de bhuidhnean àrachais agus fiosrachadh mun deidhinn a chur air an duilleig Fiosrachadh Feumail
Stiùireadh gun oifis ùir againn
Bhon cheann a tuath: Gabhaibh an A9 deas bhon chearcall-rathaid aig An Todhar agus tionndaidhibh gun làimh chlì airson Bun Lòchaidh gu rathad B1961. Tionndaidhibh gun làimh dheis an dèidh Munro's Garden Centre- 's e Druim Smiodail a th' air an t-soidhne seo. An dèidh mu mhìle chì sibh Black Isle Wildlife Park air ur làimh dheis agus tha sinne air ur làimh chlì.
Bho dheas: Air an A9 gu tuath, gabhaibh comar Cheiseig a Tuath agus leanaibh na soidhnichean airson Druim Smiodail is Cille Mhoire. Rachaibh seachad air an t-seann taigh-sgoile air an làimh chlì, suas bruthach chas. Aon uair 's gu bheil sibh thairis air mullach a' chnuic, tha an oifis air a' chiad tionndadh air an làimh dheis.
. |
LATEST NEWS

Client Evening
We are holding a client evening on the 30th November, at 730pm. The topic is 'Preparing your horse for the winter' and will be held at the Centre for Health Science, Raigmore, Inverness. Entry is by TICKET-ONLY. Please book your free ticket but contacting our office now - we look forward to seeing
Website update
Our website is going to be updated over the next month or so - so please keep visiting us here - or check out Facebook page for up-to-date news.
Clipping & Trimming
Remember we have a clipping & trimming service, do call for details!
Facebook
Kessock Equine Vets is on Facebook - please click the link at the foot of this page to become a 'fan'
Five-pound off promotion
We now have a long-term offer of £5 off, when vaccines and dental work are performed at the same time. Please call for details.
Worming Forms
The worming form is now downloadable at the bottom of our worming page under the heading 'Recommended Worming Programmes'.
View older news ....
.
|